Slighe Costa Sir Benfro

Co-chomharran: 51°52′06″N 5°10′50″W / 51.8684°N 5.1805°W / 51.8684; -5.1805 (Pembrokeshire Coast Path)

Slighe Costa Sir Benfro

Sealladh bhon t-Slighe Sir Benfro air an leth-eilean Marloes
Fad 186 mìle (299 km)
Àite A' Chuimrigh
Tòiseachadh Poppit Sands, faisg air St. Dogmaels, Ceredigion
52°05′21″N 4°40′56″W / 52.0891°N 4.6822°W / 52.0891; -4.6822 (Pembrokeshire Coast Path (St. Dogmaels trailhead))
Crìochnachadh Amroth, Sir Benfro
51°44′02″N 4°38′52″W / 51.7340°N 4.6477°W / 51.7340; -4.6477 (Pembrokeshire Coast Path (Amroth trailhead))
Cleachdadh Coiseachd
Ìre Furasta
Ràith Fad na Bliadhna

'S e frith-rathaid astair agus National Trail ann an Sir Benfro, a' Chuimrigh a th' ann an Slighe Costa Sir Benfro (Cuimris: Llwybr Arfordir Sir Benfro; Beurla: Pembrokeshire Coast Path neo uaireanan Pembrokeshire Coastal Path).[1] Chaidh a stèidheachadh ann an 1970. Tha e mu 186 mìle (299 km) de dh'fhaid. Tha e a' leantainn iomall-fairge na sgìre agus chithear a' mhuir cha mhòr ach fad na h-ùine.

'S e Amroth, Sir Benfro ceann a deas na slighe. B' àbhaist ceann a tuath na slighe a bhith ann am Poppit Sands, ach bho 2009 a-mach chaidh an cas-cheum a leasachadh gu Dogmaels[2][3][4] far a bheil e ceangailte ris an Ceredigion Coast Path, slighe a leanas gu àird a tuath na Cuimrigh.[5]

Tha Slighe Costa Sir Benfro na phàirt den t-Slighe Costa na Cuimrigh, frith-rathaid astair anns a' Chuimrigh eadar Cas-gwent is Y Fferi Isaf a bhios a' dol timcheall air costa na Cuimrigh air fad. Chaidh an cas-cheum seo le 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid fhosgladh gu oifigeil 5 an Cèitean 2012. [6]

  1. Pembrokeshire Coast Path”. National Trails. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2014.
  2. John, Brian (2012): Pembrokeshire Coast Path. Aurum Press. ISBN 978-1845137823. 
  3. Pembrokeshire Coast Path: Newport to St Dogmaels”. visitpembrokeshire.com. Air a thogail 14mh dhen Lùnasdal 2013.
  4. St Dogmaels to Newport (Town) 16 miles, (25.7 Kilometres)”. Planning a Trip. National Trails. Air a thogail 14mh dhen Lùnasdal 2013.
  5. All-Wales coast path moves a step closer at St Dogmaels”. BBC News South West Wales. Air a thogail 14mh dhen Lùnasdal 2013.
  6. All-Wales coast path nears completion”. BBC News Wales. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2014.

© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search